(navigation image)
Home American Libraries | Canadian Libraries | Universal Library | Community Texts | Project Gutenberg | Children's Library | Biodiversity Heritage Library | Additional Collections
Search: Advanced Search
Anonymous User (login or join us)
Upload
See other formats

Full text of "Peacaich ann an lamhaibh Dhe 'n a fheirg : searmoin"

Digitized by the Internet Archive 
in 2013 



http://archive.org/details/peacaichannlamha1848edwa 



PEACAICH 



LAMHAIBH DHE 'N A FHEIRG: 



SEAEMOIN 



LEIS AN 



UREAMACH IONATAN EDWARDS. 



GLASGOW: 
EUNCAN MACVEAN. 

1848. 



PEACAICH ANN AN IAMHAN 
DHIA 'N A CHORRUICH. 



Ri h-uine sleamhnaichidh an cos. — Deut. xxxii. 35. 



Tha dioghaltas Dhia air a bhagradh anns an 
rann so an aghaidh nan Israeileach ain-diadh- 
aidh, mi-chreideach, a bha 'n am pobull faic- 
sinneach aig Dia, agus a bha sealbhachadh 
mheadhona nan gràs ; ach a dh' aindeoin oib- 
ribh iongantach Dhia d' an taobh, bhuanaich 
iad, mar a tha e ag ràdh anns an ochdamh rann 
thar fhichead, gun chomhairle agus gun tuigse 
annta ; agus ged bha iad fo thuathnachas an 
Tighearna, 's e toradh searbh agus marbhtach 
a bha iad a' toirt a mach, — mar a tha c air ain- 
meachadh anns an dà rann roimh d' an cheann 
teagaisg. 

Tha na briathran a ghabh mi mar steidh 
theagaisg, Ri h-uine sleamhnaichidh an cos, a 
reir coslais, a' gabhail a steach nan nithe a 
leanas do thaobh a' pheanais agus an sgrios 
d' an robh na h-Israeilich ain-diadhaidh so 
rùisgte. 

Anns d cheud àite, Bha iad gach tiota an cun- 
nart a bhi air an sgrios, mar tha an neach 
a. tha 'n a sheasamh no a' coiseachd air àite 
sleamhain gach tiota ann an cunnart tuiteam. 
Tha so air f hilleadh a steach ann a bhi samh- 



lachadh an rathaid 's an'robh iad gu bhi air an 
sgrios ri sleamhnachadh an coise. Tha an ni 
ceudna air ainmeachadh leis an t-Salmadair — 
" Gu deimhin ann an àitibh sleamhna chuir thu 
iad : thilg thu sios iad gu sgrios." Salm lxxiii, 
13. 

'S an dara h-àite, Tha na briathran a' gabh- 
ail a steach gu 'n robh iad gach tiota buailteach 
do sgrios obann, a thigeadh gun sùil ris. Cos- 
mhuil ris an duine a tha 'g imeachd ann an 
àite sleamhain, agus e 's gach tiota ann an 
cunnart tuiteam — cha lèir dha aig àm air bitl . 
co dhiubh bhios e an ath mhionaid na sheas 
amh no na shìneadh ; agus 'n uair a thuitea 
e, tuitidh e gu grad, agus gun rabhadh : n 
mar an ceudna tha air ainmeachadh 's ai 
t-Salm lxxiii. 18, 19 — " Gu deimhin ann ad 
àitibh sleamhna chuir thu iad: thilg thu sios' 
iad gu sgrios : cionnus a thugadh iad gu sgrios, 
mar ann an tiota ?" 

*S an treasamh àite, 'S e ni eile tha air fhilB 
eadh, gu 'm bheil iad buailteach do thuitean 
leo fèin, gun bhi air an leagadh le làimh neac] 
eile ; mar a tha an neach a tha na sheasaml 
no 'coiseachd air àite sleamhain, nach feur 
ni air bith ach a chudthrom fèin air son 
leagadh. J 

S a' cheathramh àìte, Gur h-e a mhàin ari 
t-aobhar nach do thuit iad cheana, agus nacli 
'eil iad a nis a' tuiteam, nach d' thàinig àiri 
suidhichte Dhia fathast. Oir tha e ag ràdh, 
'n uair a thig an t-àm suidhichte, no òrduichte 
sin, gu 'n sleamhnaich an cas. An-sin gheib^i 
iad cead tuiteam mar a bheir an cudthrom fèin 



iad. Cha chum Dia ni 's faide 'n an seas- 
amh iad anns na h-àiteachan sleamhain so, ach 
leigidh e as iad ; agus an sin, anns an dearbh 
mhionaid sin, tuitidh iad 'gu sgrios ; mar an 
neach a tha 'n a sheasamh air ionad cas, 
sleamhain, air bruaich sluichd, far nach ur- 
rainn e seasamh leis fèin, cho luath 's a leigear 
as e, tuitidh e, agus tha e caillte. 

Is e an teagasg a tha rùn orm a nis a thar- 
ruing o na briathraibh, 

NACH EIL NI AHt BITH A' CUMATL DHAOINE AING- 
IDH A MACH A IFRINN AON MHIONAH), ACH SAOR 
THOIL DHIA. 

Le saor thoil Dhia, tha mi a' ciallachadh a 
thoil àrd-uachdaranail, a dheadh thoil mhaith 
fèin, nach 'eil air a cumhanachadh le èigin air 
bith, no air a grabadh le cion comais air bith, 
air chor 's nach 'eil làmh sam bith, anns an 
tomhas a's lugha, no ann an rathad sam bith, 
ann a bhi cumail dhaoine aingidh aon mhion- 
aid o bhi air an sgrios, aig aon ni eile, ach saor 
thoil Dhia a mhàin. 

Chithear fìrinn nam briathran so o na nithe 
a leanas: — 

I. Cha 'n 'eil easbhuidh cumhachd maille ri 
Dia gu daoine aingidh a thilgeadh aig àm 
sam bith do ifrinn. Cha 'n urrainn làmhan 
dhaoine bhi làidir 'n uair a dh' eireas Dia suas. 
Cha 'n 'eil cumhachd aig a' mhuinntir a 's 
treise gu cur 'n a aghaidh, ni mò is urrainn 
neach sam bith saoradh as a làmhan. 

Cha 'n e 'mhàin gur h-urrainn e daoine aing- 
idh a thilgeadh do ifrinn, ach 's urrainn e 



6 

sin a dheanamh gu ro-shoirbh. Aig cuid do dh' 
àmaibh gheibh righ talmhaidh trioblaid mhòr 
ann an cur sios fear-ceannairc, a gheibh a 
steach do dhaingneachd làidir, agus aig am 
bi mòran luchd leanmhuinn. Ach cha 'n 'eil 
a' chùis mar sin maille ri Dia. Cha 'n 'eil 
daingneach ann a ni dion o chumhachd Dhia. 
Ged iadhadh làmh mu làimh, ged chruinnich- 
eadh sluagh mòr do naimhdibh Dhia, agus ged 
rachadh iad ann an co-bhoinn, bu shoirbh dha 
am briseadh 'n am bloighdibh. Tha iad mar 
chruachan mòra do mholl eutrom roimh an 
chuairt-ghaoith ; no mar thorraibh mòr do 
dh' asbhuain thioram roimh na lasraichean 
caithteach. Is fhurasd dhuinne saltairt air 
cnuimh a chi sinn a' snàigeadh air an talamh 
agus a bruthadh ; mar an ceudna, tha e furasd' 
dhuinn snàthain lag, air am bheil ni sam bith 
an crochadh, a ghearradh no 'losgadh : cho 
furasd 's ri sin tha e do Dhia a naimhdean a 
thilgeil do ifrinn, 'n uair is àill leis. Ciod e sinne, 
gu 'n smuainicheamaid seasamh 'n a làthair- 
san, Neach roimh 'achmhasan a chriothnaich- 
eas an talamh, agus roimh an fcilgear sios na 
creagan? 

II. Tha iad a' toilltinn a bhi air an tilg- 
eadh do ifrinn ; air chor 's nach 'eil ceartas 
Dhia aig àm air bith san rathad, cha 'n 'eil 
dad aige an aghaidh Dia a chur an gniomh a 
chumhachd uair air bith chum an sgrios. Ni 
h-eadh, ach air an làimh eile, is ann a tha 
ceartas a' glaodhaich gu h-àrd air son peanais 
neo-chriochnach air an cuid peacanna. Tha 
ceartas Dhia ag ràdh mu 'n chrann a tha giùl- 



an dearcan Shòdoim — " Gearr sios e, c' ar son 
a ta e fàsachadh an talnihainn?" Lucas xiii. 
7. Tha claidheamh ceartais Dhia gach tiota 
'g a iomairt os ceann an cinn ; agus cha 'n 'eil 
càil 'g a chumail air ais ach làmh saor thròcair, 
agus toil mhaith Dhia. 

III. Tha iad cheana fo bhinn dìtidh gu if- 
rinn. Cha 'n e a mhàin gu bheil iad ann an 
ceartas a' toilltinn a bhi air an tilgeil do 'n ion- 
ad sin, ach tha binn lagha Dhia, an riaghailt 
shiorruidh agus neo-chaochluideach ceartais 
sin a shuidhich e eadar e fèin agus an cinne 
daoin' air dol a mach 'n an aghaidh, agus 'n a 
seasamh 'n an aghaidh ; air chor.'s gu bheil iad 
cheana air an ceangal thairis air son ifrinn, 
Eoin iii. 18 — " An ti nach creid, tha e air a 
dhìteadh cheana." Mar sin, ann an ceartas, 
buinidh na h-uile neach neo-iompaichte do if- 
rinn ; is e sin 'àite ; o sin tha e, Eoin viii. 
23 — " Tha sibhse o shios ;" agus do 'n ionad sin 
tha e ruith ; is e sin an t-àite a ta air a chur 
air leth dha le ceartas, agus le focal Dhia, agus 
le binn an lagha neo-chaochluideich. 

IV. • Tha iad a nis 'n an cuspairean air fearg 
agus corruich Dhia, a' cheart f hearg agus chor- 
ruich sin a tha air an dòrtadh a mach ann am 
piantean ifrinn : agus cha 'n e nach 'eil fearg 
aig an Dia sin aig am bheil iad na mhèin, riu 
's a' cheart àm so, an t-aobhar nach 'eil iad a' 
tuiteam sios do ifrinn ann an tiota ; tha e cho 
feargach riu 's a tha e ri mòran do na creutairibh 
truagha sin tha nis air am pianadh ann an 
ifrinn, agus a tha 's an ionad sin a' faireach- 
adh agus a' giùlan teas a chorruich. Seadh, 



8 



tha Dia ni 's mò ann am feirg ri mòran do 
na tha 's an àm so air an talamh, tha gun teag- 
amh, ri mòran a tha 's a' choimhthional so, 
agus, is maith a dh' fheudte, a tha socair, na 
tha e ri mòran do na tha 's a' chearfc àm so 
ann an lasraichean ifrinn. Mar sin, cha 'n 
ann a chionn nach 'eil cuimhne aig Dia air 
an aingidheachd, agus a' deanamh dioghaltais 
air a son, nach 'eil e a' leigeadh fuasgailte a 
làimhe, agus 'g an gearradh as. Cha 'n 'eil Dia 
gu tur cosmhuilriu fèin, ged dh' fheudas iad- 
san bhi smuainteachadh gu 'm bheil e mar 
sin. Tha fearg Dhia a' losgadh 'n an aghaidh ; 
cha 'n 'eil an damnadh a' codal ; tha an slochd 
air ulluchadh, tha an teine deas, tha 'n àmh- 
uinn a nis teith, ullamh gus an gabhail ; tha 
na lasraichean a' beucaich agus a' losgadh. 
Tha 'n claidheamh loinreach air a gheurach- 
adh agus air a thogail os an ceann ; dh' f hosgail 
an slochd a bheul fodhpa. 

V. Tha an diabhul 'n a sheasamh ullamh gu 
leum orra, agus greim a dheanamh orra mar a 
chuid fèin, a' cheart mhionaid 's an tabhair 
Dia cead dha. Is leis-san iad ; tha sealbh aig 
air an anamaibh, agus tha iad fo 'uachdaran- 
achd. Tha 'n sgriobtur 'g an sloinneadh mar 
a mhaoin, Luc. xi. 21. Tha na diabhuil a' 
deanamh faire timchioìl orra ; tha iad do ghnath 
dlùth dhoibh, aig 'an làimh dheis ; tha iad 'n an| 
seasamh a' feitheamh air an son, mar leomh- 
anaibh gionach ciocrach, a tha a' faicinn. 
an creiche, agus aig am bheil sùil rithe, ach a 
tha 's an àm air an cumail air an ais ; nan tugi 
adh Dia air falbh a làmh, leis am bheil iad air 



an cumail fo smachd, leumadh iad ann an aon 
mhionaid air an anamaibh bochda. Tha an 
t-seann nathair a' miananaich air an son ; tha 
ifrinn a' fosgladh a beil gu farsuing gus an 
gabhail a steach ; agus nan ceadaicheadh Dia 
e, bhiodh iad air an slugadh suas gu grad, agus 
bhiodh iad caillte. 

VI. Tha gnè naduir ifrinneil a' riaghladh 
ann an anamaibh dhaoine aingidh, a lasadh air 
ball, agus a bhriseadh a mach, 'n a theine if- 
rinn, mar biodh Dia ga chumail fodha. Tha 
stèidh air son piantan ifrinn air a leagail ann an 
dearbh nàdur dhaoine feolmhor. Tha an ceud 
ghnè truaillidh sin is e siol teine ifrinn, a' riagh- 
ladh gu cumhachdach annta, agus ann an làn 
shealbh orra; Tha an ceud ghnè, no, na tog- 
raidhean truaillidh so, gniomhach agus cumh- 
achdach, anabarrachfiadhaich'n an nàdur ; agus 
mar biodh làmh Dhia 'g an cumail fo smachd, 
bhriseadh iad a mach air ball ; lasadh iad a 
mach air a' cheart doigh 's a tha an truaillidh- 
eachd cheudna, an naimhdeas ceudna, a' bris- 
eadh a mach ann an cridheachaibh nan anam- 
aibh a tha air an damnadh, agus phianadh 
iad iad air a' cheart doigh. Tha anamaibh 
nan aingidh air an samhlachadh 's an sgriob- 
tur ris a' rnhuir bhuairte, Isa. lvii. 20. Aig 
an àm so, tha Dia le 'chumhachd làidir a' cum- 
ail fodha an aingidheachd, mar a tha e a' 
strìochdadh thomia beucach na mara buairte, 
ag radh — " Gu ruig so thig thu, ach cha tig 
ni 's faide :" ach nan tugadh Dia air falbh an 
cumhachd smachdail sin, ghiùlaineadh i air 
falbh gu luath gach ni roimpe. Is e am peac- 



10 



adh sgrios agus truaìghe an anama ; tha e 
sgriosail 'n a nàdur ; agus na 'm fàgadh Dia 
e gun a chumail fodha, cha bhiodh feum air ni 
tuilleadh air son an anam a dheanamh truagh, 
gu h-iomlan truagh. Tha truaillidheachd cridhe 
an duine na ni a tha neo-mheasarra agus neo- 
chriochnach 'n a gairge ; agus f had 's a tha 
daoine aingidh beò an so, tha i annta mar 
theine air a dhùnadh a stigh le ceannsachadh 
Dhia ; agus na 'm biodh e air a leigeil fuasg- 
ailte, lasadh e cùrsa an nàduir ; agus do bhrigh 
's gu bheil an cridhe a nis 'n a shlochd làn 
peacaidh, mar sin, mar biodh am peacadh air a' 
chumail fodha, thionndadh e air ball an t-anam 
gu bhi 'n a àmhuinn theintich, no 'n a f hùrneis 
theine agus phronnuisc. 

VII. Cha thearuinteachd idir do pheacaich, 
air son aon mhionaid, nach 'eil meadhon faic- 
sinneach bàis aig làimh. Cha thearuinteachd 
do dhuine nàdurra, gu 'm bheil e nis 'n a 
shlàinte, agus nach 'eil e faicinn ciod an rath- 
ad a rachadh e nis gu h-eallamh a mach as an 
t-saoghal le tuiteamas sam bith, agus nach 'eil 
cunnart faicsinneach sam bith, air dhoigh sam 
bith, 'n a chrannchur. Tha fèin-fhiosrachadh 
an t-saoghail, agus na nithe a thachair air iom- 
adh rathad anns gach linn, a' nochdadh nach 
dearbhadh sam bith so nach 'eil an duine air 
fìor bhruaich na siorruidheachd, agus nach ann 
a steach do shaoghal eile a bheir e an ath 
cheum. Tha na slighean agus na meadhona 
neo-fhaicsinneach, agus nach urrainnear a 
smuainteachadh, leis am bheil daoine gu h-eall- 
amh a' dol a mach as an t-saoghal, do-àireamh, 



11 



agus do-tliuigsinn. Tha daoine neo- iompaichte 
a' coiseachd os ceann slochd ifrinn, air còmh- 
dach grod a tha ann an iomadh àite cho lag 
's nach giùlain e an cudthrom, agus cha 'n 'eil 
na h-àitean sin r' am faicinn. Tha saighdean 
a' bhàis a' ruith mu mheadhon là, agus cha 'n 
fhaicear iad — cha 'n urrainn am fradharc is 
gèire am faicinn. Tha a leithid do ràidibh 
lionmhor, do-rannsaichte, aigDia, air son daoine 
aingidh a thoirt a mach as an t-saoghal, agus 
an cur do ifrinn, 's nach 'eil e r' a fhaicinn 
o ni sam bith gu 'm bheil feum aig Dia air 
miorbhuil a ghnathachadh, no dhol a mach à 
cùrsa gnathaichte a fhreasdail, gus an t-aing- 
idh a sgrios air àm sam bith. Tha gach mea- 
dhon a th' ann air son peacaich a dhol a mach 
as an t-saoghal, ann an làmhan Dhia, agus sin 
cho iomlan, agus gu tur fo a chumhachd, agus 
umhal d' a òrdugh, air chor agus nach 'eil e 
ni 's lugha gu saor thoil Dhia, cia aca theid 
peacaich air àm sam bith do ifrinn, na ged nach 
biodh meadhona idir air an gnathachadh, no 
gnothuch idir a bhi aca 's a' chùis. 

VIII. Cha dean an cùram na 'n gliocasa tha 
daoine nàdurra a' cleachdamh air son am beatha 
fèin a ghleidheadh, na cùram dhaoine eile mu 
'n timchioll, am beatha tearuinte dhoibh aon 
mhionaid. Tha so dearbhta o na nithe a tha 
tachairt ann an cùrsa freasdail Dhia, agus o 
fhèin-fhiosrachadh na 'n uile dhaoine. Tha 
so 'n a dhearbhadh soilleir nach 'eil gliocas 
dhaoine fèin na thearuinteachd dhoibh o 'n 
bhàs ; do bhrigh 's na 'mbiodh a' chùis air ath- 
arrachadh doigh, chitheamaid dealachadh èigin 



12 



eadar daoine glic, foghluimte an t-saoghail. 
agus daoine eile, do thaobh bàsaibh tràth, agus 
gun sùil riutha ; ach cionnus a tha 'chuis ? 
Ecl. ii. 16—" Cionnus a dh' eugas an duine 
glic?" eadhon "mar an t-amadan." 

IX. Cha dean gach saothair agus innleachd 
a tha daoine aingidh a' gnathachadh gu dol 
as o ifrinn, tearuinte iad o ifrinn aon mhion- 
aid, f had 's a tha iad a' diùltadh Chriosd, agus 
a bhuanaicheas iad 'n an daoine aingidh. Ts 
beag nach 'eil gach duine nàdurra a chluinneas 
mu ifrinn, ga thoileachadh fèin le a bhi smuaint- 
eachadh nach teid esan do 'n ionad sin ; tha e 
'g earbsa as fèin air son a thearuinteachd fèin, 
agus a' miodal ris fèin air son na rinn e, air son 
na tha e nis a' deanamh, no air son na tha sùil 
aige r' a dheanamh ; tha gach neach a' suidh- 
eachadh 'n a inntinn fèin cionnus a theid e as 
o dhamnadh, agus tha e ga thoileachadh fèin, 
le miodal, a' smuainteachadh gu 'm bheil e ro 
innleachdach air a shon fèin, agus nach fàil- 
nich a' rùintean. Tha iad a' cluinntinn gur 
tearc iad a bhios air an saoradh, agus gu'n 
deachaidh a' chuid mhòr do 'n t-sluagh a bhàs- 
aich do ifrinn ; ach tha gach neach a' saoilsinn 
gu 'n gnathaich esan meadhona air son e fèin 
a dhol as, ni 's fearr na rinn daoine eile. Cha 
'n 'eil a rùn air son dol do 'n ionad phiantach 
sin ; tha e ag ràdh ann fèin, gu 'm bheil e cur 
roimhe gu 'n toir esan aire mhath agus a' 
shoirbhicheas leis, agus gu 'n'òrduich e cùisean 
air a shon fèin air dhoigh nach failnich iad. 

Ach tha clann nan daoine 'g am mealladh 
fèin gu h-amaideach agus gu truagh, le an inn- 



13 

leachdan fèin, agus leis an earbsa a tha aca n' 
an neart 's n' an gliocas fèin ; cha 'n 'eil càil 'n 
an earbsa ach am faileas Chaidh a' chuid as 
mò dhiubh-san a bha roimh beò, fo na h-aon 
mheadhona gràis, agus a tha nis marbh, gun 
teagamh do ifrinn ; agus cha b' ann a chionn 
nach robh iad co glic riùsan a tha beò 's an 
àm so ; cha b' ann a chionn nach do dhealbh 
iad innleachdan cheart cho maith air son iad 
fèin a dhol as. Na 'm biodh e comasach dhuinn 
labhairt riu, agus fheòraich dhiubh, aon an 
deigh a cheile, an robh sùil aca, 'n uair a bha 
iad beò, agus a b' àbhaist doibh cluinntinn mu 
ifrinn, gu 'm biodh iad gu bràth fo 'n chor- 
ruich sin, chluinneamaid, gun teagamh, aon an 
deigh aoin a freagairt, " Cha robh ; cha do 
shaoil mi riamh teachd do 'n ionad so : bba a' 
chùis air atharrachadh doigh 'n am inntinn ; 
shaoil mi gu 'm bithinn ro innleachdach air mo 
shon fèin ; shaoil mi gu 'n robh mo dhoigh maith. 
Bha mi a' cur romham an aire mhaith a 
thabhairt ; ach thàinig a' chùis orm gun f hios : 
cha robh sùil agam ris 's an àm ud, na 's an 
doigh ud ; thàinig e mar ghadaiche. Mheall 
am bàs mi ; bha corruich Dhia ro eallamh air 
mo shon. m' amaideachd mhallaichte ! Bha 
mi a' miodal rium fèin, agus 'g am' thoileach- 
adh fèin le h-aislingibh faoin mu na dhean- 
ainn an dèigh so ; agus 'n uair bha mi ag radh 
sìth agus tearuinteachd, an sin thàinig sgrios 
obannorm." 

X. Cha do chuir Dia e fèin fo chùmhnant 
air bith, le gealladh air bith, duine nàdurra 
sam bith a chumail aon mhionaid a mach à if- 



14 

rinn. Cha d' thug Dia gu cinnteach aon gheall- 
adh air beatha mhaireannaich, no air saorsa na 
gleidheadh air bith o bhàs siorruidh, ach na tha 
air an gabhail a steach ann an cùmhnanta nan 
gràs, na geallanna a tha air an tabhairt ann 
an Criosd, neach anns am bheil na geallanna 
uile na 'n seadh 's na 'n amen. Ach gu cinnt- 
each cha 'n 'eil còir idir ann an geallanna cùmh- 
nanta nan gràs, aca-san nach 'eil na 'n cloinn 
a' chùmhnaint, agus nach 'eil a' creidsinn ann 
an aon do gheallanna a' chùmhnanta, agus aig 
nach 'eil còir sam bith ann an eadar-mheadh- 
onair a' chùmhnaint. 

Mar sin, ciod air bith a bha cuid a' smuaint- 
eachadh, no a' cumail a mach, mu dheibhinn 
gheallanna do dhaoine nàdurra, nam biodh iad 
ag iarraidh agus a' bualadh gu dùrachdach, 
tha e dearbhte soilleir, ciod air bith saothair a 
ghabhas duine nàdurra ann an nithe na diadh- 
achd, ciod air bith ùrnuighean a ni e, gus an 
creid e ann an Criosd, nach 'eil Dia fo chùmh- 
nant air bith a chumail aon mhionaid o sgrios 
siorruidh. 

Is ann mar so a tha daoine nàdurra ann an 
làimh Dhia, os ceann slochd ifrinn : thoill iad an 
slochd teinteach, tha iad cheana air an dìt- 
eadh air a shon ; agus tha Dia air a bhros- 
nachadh gu h-uamhasach : tha 'f hearg cho mòr 
nan aghaidh, 's a tha i an aghaidh na muinntir 
a tha gu deimhin a fulang teas a chorruich ann 
an ifrinn ; agus cha d' rinn iad an ni as lugha 
gus an f hearg sin a chiùineachadh no thraogh- 
adh ; ni mo tha Dia fo chumha air bith, 's an 
tomhas is lugha, le gealladh air bith, an cum- 



15 

ail suas aon mhionaid : tha an dìabhul a' feith- 
eamh air an son — tha ifrinn a' fosgladh a beil 
air an son — tha na lasraichean a' cruinneach- 
adh agus a' losgadh timchioll orra, agus bu 
mhiann leo greim a dheanamh orra, agus an 
slugadh suas ; tha an teine a tha air a dhùn- 
adh a st5gh 'n an cridheachaibh ag iarraidhbris- 
eadh a mach ; agus cha 'n 'eil còir aca ann 
an eadar-mheadhonair sam bith ; cha 'n 'eil 
aon mheadhon air an ruig iad is urrainn tear- 
uinteachd sam bith a dheanamh dhoibh. Gu 
bhi aithghearr, tha iad gun tearmunn sam 
bith, gun ni sam bith air an gabh iad greim ; 
cha 'n 'eil ni 'g an gleidheadh aon tiota ach 
saor thoil, agusfad-fhulangasnec-chumhnantail 
agus fèin-thoileil an Dia a tha air a bhrosnach- 

a AN COMHCHUK. 

Feudaidh am feum a bhi, gu 'm bi peacaich 
neo-iompaichte air an dùsgadh gu mothach- 
adh ghabhail air an cunnart. Is e an ni a 
chuala sibh, suidheachadh gach aon dhibh a 
tha mach à Criosd. Tha an saoghal sin do 
thruaighe, tha an loch sin do phronnusc teint- 
each na laidhe fodhaibh. An' sin tha slochd 
uamhasach lasraichibh teinteach corruich Dhia ; 
an' sin tha beul farsuing ifrinn fosgailte ; agus 
cha 'n 'eil ni agaibh gu seasamh air, na ni gu 
greim a dheanamh air ; cha 'n 'eil ni eadar 
sibh agus ifrinn ach an t'adhar ; 's e cumhachd 
agus gean-maith Dhia a mhàin a tha g' ur cum- 
ail suas. 

Theagamh nach 'eil aithne agaibhse air so ; 
tha sibh a' faicinn gu 'm bheil sibh air 'ur cum- 



16 

ail a mach à ifrinn, gidheadh cha 'n 'eil sibh a' 
faicinn làmh Dhia ann ; ach tha sibh ag amharc 
air nithe eile, mar tha slainte mhaith pearsa, 
bhur cùram dheth 'ur beatha fèin, agus na 
meadhona a tha sibh a' cleachdadh air son 
sibh fèin a choimhead tearuinte. Ach gu cinnt- 
each cha ni sam bith iad sin ; nan tugadh L)ia 
air falbh a làmh, cha mhò a chumadh iad sibh 
o thuiteam, na chumadh an t-adhar tana suas 
neach a bhiodh an crochadh ann. 

Tha bhur n' aingidheachd mar gu 'm b' aun 
g' ur fàgail trom mar luaidh, agus g' ur n' aom- 
adh le cudthrom agus bruthadh mòr gu ifrinn ; 
agus na 'n leigeadh Dia as sibh, rachadh sibh 
fodha air ball, agus rachadh sibh gu luath sios 
do 'n doimhne gun ghrunnd ; agus cha mhò a 
dheanadh bhur slainte pearsa, agus 'ur cùram 
's 'ur gliocas fèin, bhur n' innleachd is fearr, 
agus 'ur 'n uile fhìreantachd, do dh' fheum, gu 
bhur cumail a mach à ifrinn, na dheanadh lion 
an dabhain-alluidh gu stad a chur air creig a 
bhiodh a tuiteam. 

Mar b' eadh gur e sin toil àrd-uachdranail 
Dhia, cha ghiùlaineadh an talamh sibh aon 
mhionaid, oir tha sibh 'n 'ur n' eallaich dha ; 
tha an cruthachach ag osnaich leibh ; tha an 
creutair air a chur fo dhaorsa bhur truaillidh- 
eachd, cha 'n ann Je a thoil : cha 'n ann gu 
toileach a tha a' ghrian a' soillseachadh oirbh, 
gu solus a thabhairt dhuibh gu seirbhis a 
dheanamh do 'n pheacadh agus do Shàtan ; 
cha toir an talamh mach a thoradh gu toileach, 
chum bhur n' anamiannaibh a shàsachadh ; 
cha mhò tha e gu toileach na àite anns am 



17 

bheil bhur n' aingidheachd 'g a cur an gnioinh ; 
cha 'n 'eil an anail gu toileach g' ur cumail 
beò, fhad 's a tha sibh a' caitheamh bhur 
beatha, ann an seirbhis naimhdean Dhia. Tha 
creutairean Dhia maith, agus bha iad aif an- 
deanamh chum 's gu 'n deanadh daoine seir- 
bhis leo do Dhia ; cha 'n 'eil iad toileach seir- 
bhis sam bith eile 'choimhlionadh, agus tha iad 
ag osnaich 'n uair tha iad air am mi-ghnath- 
achadh air son aobharan a tha calg-dhireach 
an aghaidh an nàduir agus an criocha. Agus 
sgeitheadh an saoghal a mach sibh, mur b' e 
làmh riaghlaidh an Ti sin a tha air a bhrosnach- 
adh leibh. Tha neoil dhubha chorruich Dhia 
a nis direach an crochadh os ceann bhur cinn, 
làn do 'n stoirm uamhasaich, agus do thair- 
neanach ; agus mur biodh làrnh Dhia 'g an 
cumail fodha, bhristeadh iad a,mach oirbh gu 
grad. Tha toil ard-uachdranail Dhi'a, 's an àm 
tha làthair, a' cumail bacadh air a' ghaoith 
làidir ; mur biodh, bhriseadh i mach le gairge : 
thigeadh bhur sgrios mar ioma-ghaoìth, agus 
bhiodh sibh cosmhuil ri moll an urlair-bhual- 
aidh shamhraidh. 

Tha corruich Dhia cosmhuil ri mòran uisg- 
eachan, air an cuirteadh stad, agus a bhiodh 
air an càrnadh suas ; tha iad a' fàs ni 's mò 
agus ni 's mò, agus ag eiridh ni 's àirde agus 
ni 's àirde, gus am bi dorus air 'f hosgladh ; 
agus mar is fhaide tha stad air a chur air an 
t-sruth, 's ann is luaithe agus is cumhachd- 
aiche bhios e 'n uair a bhriseas e mach. Tha 
e fìor nach deachaidh breitheanas a chur an 
gniomh fathast an aghaidh bhur droch oibribh ; 



18 



tha tuiltean dioghaltais Dhia air an cumail air 
an ais ; ach tha bhur cionta a' sior fhàs, agus 
tha sibhgachlà a' càrnadh suas tuilleadh reirge : 
tha na h-uisgeachan ag eiridh gun sgur, agus 
a' fàs ni 's cumhachdaiche agus ni 's cumhachd- 
aiche ; agus cha 'n 'eil ni ach saor thoil Dhia 
'g an cumail air an ais ; is ann a dh' aindeoin a 
tha iad air an cumail, agus tha iad a' strì gu 
làidir gu faghail a mach. Na 'n tugadh Dia 
ach a làmh o gheata-na-tuile, dh'fhosgladh e 
air ball, agus bhrùchdadh tuiltean teinteach teas 
corruich Dhia a mach le cuthach do-thuigsinn, 
agus dhoirteadh iad oirbh le cumhachd neo- 
chriochnach ; agus ged bhiodh bhur neart deich 
mìle uair ni 's mò na tha e, seadh, deich mìle 
uair ni 's mò na neart an diabhuil is treise agus 
is cruaidhe ann an ifrinri, cha bhiodh ann ach 
neo-ni gu seasamh ris, no gus a' ghiulan. 

Tha bogha corruich Dhia air a lùbadh, agus 
tha an t-saighead deas air an t-sreing ; tha 
ceartas a' cuimseachadh na saighde air do 
chridhe, agus a' tarruing a' bhogha ; agus cha 
'n 'eil ni sam bith ach saor thoil Dhia, agus sin 
Dia a tha ann am feirg, gun ghealladh gun 
cheangal sam bith, a' cumail na saighde aon 
tiota o bhi air a cur air mhisg le bhur fuil. 

Is ann mar so tha sibhse uile aig nach d'rinn- 
eadh riamh atharrachadh mòr air bhur cridhe, 
le cumhachd làidir Spioraid Dhe air bhur n' an- 
amaibh ; na h-uile nach deachaidh riamh ath- 
bhreith agus a dheanamh nan creutairean 
nuadha, agus a thogail o bhi marbh ann am 
peacadh, gu staid soluis, agus beatha ùir nach 
d' f hairich sibh riamh ; tha sibh ann an lamhan 



19 

corruich Dhia. Ciod air bith ath-leasachadh a 
dh' flieudadh sibh a dheanamh ann an iomadh 
ni 'n 'ur caithe-beatha, no tograidhean blàth 
do 'n diadhachd, no coltas diadhachd a dh'f heud- 
as sibh a chumail suas ann bhur teaghlaichean, 
agus ann bhur closaidean, agus ann an tigh 
Dhè, — cha "n 'eil ni ach a shaor thoil-san a 
mhàin g' 'ur cumail o bhi anns an dearbh 
mhionaid so air 'ur slugadh suas ann an sgrios 
siorruidh. 

Ciod air bith co beag 's a tha sibh a tuigsinn 
san àm so, fìrinn na tha sibh a' cluinntinn, làn 
thuigidh sibh e an dèigh so. Tha iadsan a 
dh' fhalbh o bhi annsant-suidheachadh cheud- 
na anns am bheil sibhse, a' faicinn gur h-ann 
mar sin a bha chùis maille riu-san ; oir thàinig 
sgrios air a' chuid bu mhò dhiubh gu h-obann, 
'n uair nach robh sùil idir aca ris, agus 'n uair 
a bha iad ag radh, Sìth agus tearuinteachd. 
'Nis tha iad a' faicinn, nach robh ni ach gaoth 
agus faileasan falamh anns na nithe sin, anns 
an robh an earbsa air son sìth agus tearuinteachd. 
Tha an Dia sin a tha g' ar cumail os ceann 
slochd ifrinn, mar gu 'm biodh aon a' cumail 
dabhain-alluidh, no creutair gràineil os ceann an 
teine — tha e g' ur fuathachadh, agus tha e air 
a bhrosnachadh gu h-uamhasach ; tha a chor- 
ruich ribh a' losgadh mar theine ; tha e g' ur 
faicinn neo-aiiidh air ni sam bith ach a bhi air 
bhur tilgeil san teine ; tha a shùilean ni 's 
gloine na gu 'm fuiling e sibh 'n a shealladh ; 
tha sibh deich mìle uair ni 's gràineile 'n a 
shùilean-sa, na tha an nathair is gràineile agus 
is puinseanaiche 'n ar sùilibh-ne. Chuir sibh 



20 

corruich air gu neo-chriochnach ni 's mò na 
chuir reubalach rag riamh air a righ : agus 
gidheadh, cha 'n 'eil ni ach a làmh g' ur cumail 
na h-uile tiota o thuiteam san teine. Cha 'n 
'eil aobhar sam bith eile air son nach deachaidh 
sibh an raoir do ifrinn, agus gu 'n do cheadaich- 
eadh dhuibh dùsgadh a rìs 's an t-saoghal so, 
an deigh dhuibh bhur sùilean a dhùnadh gu 
codal : agus cha 'n 'eil aobhar sam bith eile ri 
thabhairt air son nach do thuit sibh do-dh' if- 
rinn, o 'n dh' eirich sibh 's a' mhaduinn, ach 
gu 'n do chum làmh Dhia suas sibh. Cha 'n 
'eil aobhar sam bith eile ri thabhairt air son 
nach deachaidh sibh do dh' ifrinn, o 'n shuidh 
sibh an so 'n tigh Dhè, a' brosnuchadh a shùil- 
ean glana leis an rathad pheacach aingidh anns 
am bheil sibh ag eisdeachd r' a aoradhnaomh-san. 
0, a pheacaich ! smuaintich air a' chunnart 
uamhasach anns am bheil thu! Is ann os 
ceann àmhuinn mhòir do chorruich, slochd far- 
suing gun ghrunnd, làn do theine na corruich, 
a tha sibh an crochadh ann an làimh an Dia 
sm, aig am bheil a' chorruich air a brosnuch- 
adh agus air a teasachadh 'n 'ur n' aghaidh-sa, 
cho mòr 's a tha i 'n aghaidh mòran diubh-san 
a tha air an damnadh ann an ifrinn. Tha sibh 
an crochadh air snàthain caol, ma thimchioll 
am bheil lasraichibh corruich Dhia a' losgadh, 
agus iad ullamh gus a dhothadh na h-uile 
mionaid, agus a losgadh o cheile ; agus cha 'n 
'eil còir agaibh ann an eadar-mheadhonair sam 
bith, na ni gu greim a ghabhail dheth gu bhur 
sàbhaladh, na ni gu lasraichibh na corruich a 
a chumail air falbh ; cha 'n 'eil ni agaibh dhibh 



21 



fèin, na ni a rinn sibh riamh, no is urrainn sibh 
a dheanamh, gu iompaidh a chur air Dia bhur 
caomhnadh aon tiota. 

Agus thugaibh an aire an so gu sònruichte, 
's a' cheud àite, ciod a' chorruich a t' ann. 'S e 
th' ann corruich an Dia neo-chriochnaich. Mar 
biodh ann a mhàin ach corruich duine, ge do b' e 
an righ is cumhachdaiche, cha bhiodh ann ann 
an coimeas ach ni faoin. Tha eagal mòr roimh 
chorruich righrean, gu h-àraidh righrean a dh' 
Iheudas an toil fèin a dheanamh, aig am bheil 
maoin agus beatha an cuid iochdaran gu h-iom- 
lan 'g an toil, gu bhi air an gnathachadh mar 
chi iad iomchuidh, Gnath. xx. 2 — " Mar bheuc- 
aich leomhain tha eagal righ : an ti a bhros- 
nuicheas e gu feirg peacaichidh e an aghaidh 
'anama fèin." Tha an t-iochdaran a chuireas 
corruich mhòr air righ a dh' f heudas a thoil 
fèin a dheanamh,buailteach do dh' f hulangnam 
piantaibh is mò is urrainn innleachd dhaoine 
'dhealbh, no is urrainn cumhachd dhaoine chur 
an gniomh. Ach cha 'n 'eil anns na righrean 
is mò air thalamh, 'n am mòrachd agus 'n an 
cumhachd is mò, agus 'n uair tha iad air an 
eideadh 'na 'n uamhasan is mò, ach cnuimhean 
lag, suarach, do 'n dnslach, an coimeas ris a' 
Chruithear mhòr agus chumhachdach, agus 
righ neamh agus na talmhainn. Is beag is 
urrainn iad-san a dheanamh, an uair is mò tha 
iad ann am feirg, agus a chuireas iad an gniomh 
an cuthach is gairge. Tha uile righrean na 
talmhainn mar fhionain-feòir, ann an làthair 
Dhia ; tha iad mar neo-ni, agus ni 's lugha na 
neo-ni ; tha di-meas ri dheanamh araon air an 



22 

gràdh agus air am fuatli. Tha corruich Righ 
mòr nan righrean cho mòr ni 's uamhasaiche na 
'n corruich-san, 's a tha a' mhòrachd rìoghail 
os ceann am mòrachd-san. " Agus a ta mi ag 
radh ribhse, mo -chairde, na biodh eagal oirbh 
roimh 'n mhuinntir sin a mharbhas an corp, 
agus 'na dheigh sin aig nach 'eil ni tuilleadh 
dh' f heudas iad a dheanamh : Ach nochdaidh 
mi dhuibh co e roimh an còir dhuibh eagal a 
bhi oirbh : Biodh eagal an Ti ud oirbh, aig am 
bheil cumhachd an deigh neach a mharbhadh, 
a thilgeil do ifrinn ; seadh, a ta mi ag radh 
ribh, biodh eagal an Ti so oirbh," Luc. xii. 4. 

II. Is ann ri gairge a chorruich tha sibh air 
'ur fàgail ruisgte. Tha sinn gu tric a' leugh- 
adh mu chorruich Dhia ; mar ann an Isa. lix. 
18 — " A reir an gniomhara, mar sin bheir e 
ath-dhioladh, corruich d' a naimhdibh." Mar 
an ceudna, Isa. lxvi. 15 — " Oir feuch, thig an 
Tighearnale teine, agus a charbad mar chuairt- 
ghaoith, a dhortadh a mach a chorruich mar 
an teas, agus 'achmhasan le lasraichibh teine." 
Agus mar sin ann an iomadh àite eile. Tha 
sinn a' leughadh mar so, Taisb. xix. 15—" Fion- 
amair an Dè uile-chumhachdaich." Tha na 
briathran ro uamhasach. Ged nach biodh air 
a ràdh ach a mhàin " fearg Dhia," bhiodh na 
briathran a' ciallachadh sin a bhiodh neo- 
ehrioehnach eagalach : ach tha e ag radh — 
" fearg ro gharg Dhia :" corruich Dhia ! fraoch- 
feirge lehobhah ! cia co uamhasach 's a 
dh' fheumas sin a bhi ! Co is urrainn innseadh 
no thuigsinn ciod e tha na briathran a' giùlan ? 
Ach cha 'n e a mhàin gu 'm bheil sin air a radb, 



23 



ach fraoch-feirge an Dè uile-chumhaehdaich." 
Mar gu 'm biodh foillseachadh mòr dheth 
chumhachd neo-chriochnach anns na bhiodh air 
a chur an gniomh le fraoch feirge ; mar gu 'm 
biodh an cumhachd siorruidh air a chur gu 
feirg, agus an sin a' caitheadh uile neart, mar 
is àbhaist do dhaoine a bhi feuchainn an uile 
neart ann an teas an corruich. 0, ma ta, ciod 
a thachras? ciod a dh'eireas do 'n chnuimh 
bhochd a bhios g' a ghiùlan ? co na làmhan is 
urrainn a bhi làidir, agus an cridhe is urrainn 
seasamh ? Ciod an doimhne uamhasach, do- 
labhairt, do-thuigsinn truaighe anns an teid an 
neach a bhios fo 'n chorruich so, sios. 

Thugaibh an aire dha so, sibhse tha làthair 
an so, a tha gun ath-bhreith fathast. Tha, gu 'n 
cuir Dia teas feirge an gniomh, a' ciallachadh 
gu 'n cuir e an gniomh corruich gun truas sam 
bith. 'N uair a chi Dia truaighe do-labhairt 
bhur suidheachaidh, agus a chi e gu 'm bi bhur 
piantaibh fad os ceann bhur neirt, agus a chi e 
bhur n' anam truagh air a phronnadh, agus a' 
dol fodha, mar gu 'm b' ann gu dorchadas gun 
chrich ; cha bhi truas aige ribh, cha sguir e o 
dhòrtadh a chorruich, agus cha 'n eutromaich 
e a làmh 's an tomhas is lugha ; cha bhi 'an sin 
eutromachadh no tròcair, agus cha chuir Dia 
idir casgadh air a' ghaoith dhoinionaich : cha 
bhi suim aige do bhur leas, agus cha bhi cùram 
idir air gu 'm fuiling sibh cus, ann an seadh 
sam bith, ach a mhàin nach fuiling sibh os 
ceann na tha geur-cheartas ag iarraidh : cha 
chumar ni air ais, chionn gu 'm bheil e co 
cruaidh dhuibh r' a ghiùlan. " Uime sin, buin- 



24 



idh mise riu-san fos ann am feirg : cha ehoigil 
mo shùil, ni mò bhios truas agam : agus ged 
eigh iad ann am chluasaibh, le guth àrd, gidh- 
eadh, cha 'n èisd mi riu,'' Esec. viii. 18. 'S an 
àm so, tha Dia 'n a sheasamh ullamh gu truas 
a ghabhail dhibh ; is là tròcair so ; feudaidh sibh 
a nis glaodhaich le ni-eigin do dhòchas mis- 
neachail gu faigh sibh tròcair. Ach aon uair 
's gu bheil là na tròcair seachad, is diomhain 
bhur glaodhaich agus bhur sgreadail thiamh- 
aidh agus chràiteach ; bidh sibh gu tur caillte 
agus air bhur tilgeil air falbh le Dia, do thaobh 
bhur sonais. Cha bhi feum sam bith aig Dia 
oirbhtuillidh, ach bhur cur adh'fhulangtruaighe ; 
cha bhi aobhar sam bith eile air son 'ur cumail 
ann am bith ; oir bidh sibh 'n 'ur soitheach feirge 
air ulluchadh chum sgrios ; agus cha bhi feum 
sam bith eile air an t-soitheach so, ach a mhàin 
a bhi air a lionadh làn do chorruich. Ann an 
àite Pia a ghabhail truais dhibh 'n uair a 
ghlaodhas sibh ris, 's ann a tha e sgriobhadh 
gur h-ann a ni e 'mhàin "gaire agus fanoid." 
Gnath. i. 25, 26, &c. 

Leis co uamhasach 's a tha briathran so an 
Dè mhòir — " Saltraidh mi orra ann am fheirg, 
agus pronnaidh mi iad ann am chorruich, agus 
crathar am fuil air mo chulaidh, agus tarruing- 
idh mi sal air m' èideadh uile," Isa. Ixiii. 3. 
Theagamh gu bheil e neo-chomasach smuaint- 
eachadh air briathran a tha ni 's mò a' foills- 
eachadh annta na trì nithe so, — tàir, fuath, 
agus teas chorruich. Ma ghlaodhas sibh ri Dia 
air son truas a ghabhail dhibh, bidh e cho fad o 
thruas a ghabhail dhibh ann bhur staid bhròn- 



aich, no o 'n mheas is lugha, no 'm fàbhar is 
lugha 'nochdadh dhuibh, agus gur h-ann a 
shaltras e sibh fo na casan : agus ged bhios fìos 
aigenach urrainn sibh cudthroman Uile-chumh- 
achdaich a ghiùlan, a' saltairt oirbh, gidheadh, 
cha bhi suim aige dheth sin, ach pronnaidh e 
sibh gun tròcair fo 'chosaibh; fàisgidh e bhur 
fuil a mach, agus leumaidh i, agus bidh i air a 
crathadh air a chulaidh, air chor 's gu 'm bi sal 
air eideadh uile. Cha 'n e a mhàin gu 'm fuath- 
aich e sibh, ach bidh sibh ro thàireil aige ; cha 
mheasar àite sam bith freagarach air bhur son, 
ach fo' a' chosan, a chum gu 'm bi sibh air bhur 
saltairt sios mar chlàbar air na sràidean. 

III. An truaighe d' am bheil sibh ruisgte, 
's e tha innte an truaighe a chuireas Dia an 
gniomh, chum 's gu 'm feuch e ciod a tha ann 
an corruich lehobhah. Bha e ann an cridhe 
Dhia a nochdadh do ainglibh agus do dhaoine 
an dà chuid, cia cho oirdheirc ' s a tha a ghràdh, 
agus mar an ceudna cia cho eagalach 's a tha 
a chorruich. Tha righrean talmhaidh aig cuid 
do amaibh a' nochdadh cia cho uamhasach 's a 
tha an corruich, leis na peanasan mòra a tha 
iad a cur an gniomh air a' mhuinntir a chuireas 
fearg orra. Bha toil aig Nebuchadnesar, righ 
cumhachdach agus uaibhreach iompaireachd 
Chaldea, 'f hearg a nochdadh 'n uair a chuir- 
eadh corruich air le Sadrach, Mesach, agus 
Abednego ; agus mar sin dh' orduich e gu 'm 
biodh an àmhuinn theinteach dhian-loisgeach 
air a teasachadh seachd uairean ni 's mò na 
bha i roimhe ; bha i, gun teagamh, aig an teas 
bu ghairge d' am b' urrainn i bhi air a cur le 



26 



innleackd dkaoine. Ack tkamar anceudna an 
Dia mòr toileack a ckorruick a dheanamh aitk- 
nichte, agus a mkòrackd riogkail uamkasack, 
agus a ckumkackd neo-ckriocimack àrdackadk, 
ann am fulangasan a naimkdean, a dk' ionn- 
suidk na cuid is faide 'mach. " Ciod ma 's e, 
air bki do Dkia toileack 'fkearg a nockdadk, 
agus a ckumkackd a dkeanamh aitknickte, gu 
'n d' fkuilinge le mòr fkad-fkulangas soithiche 
na feirge air an ulluckadk ckum sgrios ?" Rom. 
ix. 22. x^gus do bkrigk gur k-e so a rùn, agus 
gu 'n do ckuir e roimke gu 'n deanadk e aitk- 
nickte cia cko uamkasack 's a tka corruick do- 
ckeannsaickte, fraock feirge Iekobkak, ni e le 
sgatk e. Tackraidk ni-eigin mu 'n toirear fian- 
uis gu 'm bi e uamkasack. 'N uair a dk'eireas 
an Dia mòr suas ann ain feirg, agus a ckuireas 
e an gniomk a dkiogkaltas uamkasack air a' 
pkeacack bbockd, agus a tka an creutair truagk 
a' fulang cudtkrom agus cumkackd neo-ckriock- 
nack 'fheirge, an sin gairmidk Dia air an 
domkan uile gu amharc air a mkòrackd uamk- 
asaickf agus an cumkackd treun sin a tka r' am 
faicinn ann. " Agus bitkidk na slòigk mar 
aol air a losgadk ; mar 'dhroighinn air a gkearr- 
adk sios, loisgear iad anns an teine. Cluinn- 
ibb, sibbse a tka fad as, an ni a rinn mi ; 
agus sibbse tka dlùtk, aidickibk mo ckumkackd. 
Tka na peacaick ann an Sion fo eagal ; gklac 
uamkunn na cealgairean ; co 'n ar measg a 
gkabhas còmknuidk maille ri teine millteack ? 
co 'n ar measg a ghabhas còmhnuidh maille ri 
lasraichibh siorruidh ?" Isa. xxxiii. 12, 13, 1 . 
Is ann mar so a thachras dkuibkse tha ann 



27 

an staid neo-iompaichte, ma bhuanaicheas sibh 
innte ; bithidh cumhachd neo-chriochnach, agus 
mòrachd rioghail, agus uamhasan an Dè Uile- 
chumhachdaich, air an àrdachadh oirbh, ann an 
neart do-labhairt 'ur piantaibh. Bidh sibh air 
bhur pianadh ann anlàthair nan aingle naomh, 
agus an làthair an Uain ; agus an uair a bhios 
sibh mar so a' fulang, theid luchd-àitich glòr- 
mhor nan neamhan a mach, agus seallaidh iad 
air an t-sealladh eagalach, chum 's gu faic iad 
ciod e fraoch feirge an Uile-chumhachdaich ; 
agus an uair a chi iad e, tuitidh iad sios, agus 
ni iad aoradh do 'n Righ chumhachdach agus 
mhòr sin. " Agus tàrlaidh, o ghealaich ùir gu 
gealaich ùir, agus o Shàbaid gu Sàbaid, gu 'n 
tig gach uile f heòil a dheanamh aoraidh ann 
am làthair-sa, deir an Tighearn. Agus theid 
iad a mach, agus seallaidh iad air closaichean 
nan daoine a chiontaich a' m' aghaidh ; oir cha 
bhàsaich an cnuimh,agus chamhùchar an teine ; 
agus bithidh iad nan gràineileachd do na h-uile 
fheòil," Isa. lxvi. 23,24. 

. IV. Is e corruich shiorruidh a ta ann. Bhiodh 
e uamhasach fraoch feirge so an Dè uile-chumh- 
achdaich a ghiùlan aon tiota ; ach feumaidh 
sibh a ghiulan fad na siorruidheachd. Cha bhi 
crioch air an truaighe anabarrach uamhasaich 
so. 'N uair a sheallas sibh romhaibh, chi sibh 
air thoiseach oirbh siorruidheachd f hada, buan- 
mhaireachduinn gun chrich, a shlugas suas bhur 
smuaintibh, agus a chuireas uamhas air 'ur 
n' anamaibh ; agus bidh sibh gu tur ann an eu- 
dòchas, nach faigh sibh gu bràth fuasgladh sam 
bith, crioch sam bith, lasachadh sam bith, fòis 



28 



sam bith ; bidh fios agaibh gu cinnteach gu 'm 
feum sibh linntean fada, muilleiuibh do mhuill- 
einibh do linntean a chaitheadh, a' gleachd ris 
an dioghaltas uile-chumhachdach gun tròcair 
so ; agus an sin an deigh dhuibh so a dheanamh, 
'n uair a bhios an uibhir so do linntean air an 
caitheamh leibh 's an t-suidheachadh so, bidh 
fios agaibh nach 'eil so uile ach mar neo-ni ann 
an coimeas ris na tha gu teachd. Mar sin bidh 
bhur peanas da rìreadh gun chrìch. ! co is 
urrainn innseadh ciod e cor an anama 's an 
t-suidheachadh sin ! Cha toir ni is urrainn 
sinne a ràdh mu dheibhinn ach beachd lag agus 
fann air ; tha e do-labhairt agus do-thuigsinn ; 
oir, " Co d' an aithne neart feirge Dhia?" 

Cia co uamhasach 's a tha staid na muinntir 
sin a tha gach latha agus gach uair ann an cun- 
nart na corruich mhòir agus na truaighe gun 
chrìch so ! Ach 's e so staid mhuladach na h-uile 
anamnachdeach'abhreith arìs, ciaairbith cho 
modhail agus ceart, stuam', agus diadhaidh a 
dh' f heudas iad a bhi air sheol eile. O gu 'n 
gabhadh sibh gu cridhe e, co dhiubh tha sibh 
òg no sean ! Tha aobhar a bhi creidsinn gu'm 
bheil mòran a chual an soisgeul, a bhios a' ful- 
ang na truaighe so fad na siorruidheachd. Cha 
'n aithne dhuinn co iad, no ciod na smuaintean 
a tha 'nis aca. Theagamh gu 'm bheil iad an 
tràth so aig fois, agus ag eisdeachd ris na nithe 
so uile gun mhòran bruaidlean, agusa' sodalriu 
fèin nach iadsan a' mhuinntir sin, agus a' geall- 
tainn dhoibh fèin gu 'n teid iadsan as. Na 'm 
b' aithne dhuinn ach aon neach 's a' choimh- 
thional so uile, a bhiodh a fulang na truaighe 
so, nach b' uamhasach an ni e ri smuainteach- 



adh air. Na 'm b' aithne dhuinn co e, ciod an 
sealladh eagalach a bhiodh ann, a leithid do 
dhuine fhaicinn ! Cionnus a dh' f heud-amaid 
uile gul muladach agus cràiteach a thogail os a 
cheann ! Ach, mo thruaighe ! an àite aon, cia 
iomadh iad, a rèir coltais, a chuimhnicheas air 
an t-searmoin so ann an ifrinn ! Agus bhiodh 
e na ionghnadh mur biodh cuid do na tha an so 
a làthair ann an ifrinn ann an ùine ghearr, 
eadhon ma 'n criochnaich a' bhliadhna so. Agus 
cha bhiodh e na ionghnadh ged bhiodh cuid a 
tha an so 'n an suidhe slàn, agus socair, agus 
aig fois, san ionad sin mu 'n tig madainn am 
màireach. Bidh a' chuid sìn dhibh a bhuan- 
icheas ann an staid nàduir, agus is fhaide 'dh' 
f hanas gun dol do ifrinn, bidh sibh anns an àite 
sin ann an ùine ghearr ! Cha 'n 'eil bhur sgrios 
a' codal ; thig e gu luath, agus, a rèir na h-uile 
coltais, gle ghrad air mòran dhibh. Tha aobhar 
agaibh a bhi fo ionghnadh nach 'eil sibh cheana 
ann an ifrinn. Is e sin, gun teagamh, cor cuid 
do na chunnaic sibh, agus a b' aithne dhuibh, 
nach robh riamh a' toilltinn ifrinn ni 's mò na 
sibhse, agus mar sin a bha roimhe so cho colt- 
ach ri bhi beò 's an àm so, 's a bha sibhse. Tha 
an suidheachadh seachad air gach uile dhòchas ; 
tha iad a' gul ann an truaighe anabarraich, agus 
ann an tur-eudòchas ; ach tha sibhse an so ann 
an tìr nam beò, am measg mheadhona nan gràs, 
agus tha cothrom agaibh air slainte fhaotainn. 
Ciod nach tugadh na h-anamaibh bochd caillte 
gun dòchas sin, air son aon là do na cothroman 
tha sibhse nis a' sealbhachadh ! 

Agus a nis, tha cothrom neo-chumanta ag- 



30 

aibh,* là anns an d' fhosgail Criosd dorus na 
tròcair gu fial farsuing, agus tha e na sheasamh 
's an dorus, agus a' glaodhaich le guth àrd ri 
peacaich bhochd ; là anns am bheil mòran a' 
tional d' a ionnsuidh, agus a' dol a steach do 
rioghachd Dhè le dian-spàirn ; tha mòran gach 
là a' teachd o 'n àirde an ear, agus an iar, agus 
tuath, agus à deas ; tha mòran a bha o chionn 
ghoirid anns an aon shuidheachadh thruagh 
ribh fèin, nis ann an staid shona, agus an cridhe 
làn do ghaol dhasan a ghràdhaich iad, agus a 
nigh iad o 'm peacanna 'n a fhuil fèin, agus a' 
deanamh gàirdeachais ann an dòchas glòire Dhè. 
Cia eagalach do neach a bhi air f hàgail air 
deireadh 'n a leithid so do latha ! a bhi faicinn 
na h-uibhir eile aig cuirm, agus sibh fèin a' bàs- 
achadh agus a' dol a dhith ! Abhi faicinn mòr- 
an eile a' deanamh gàirdeachais, agus a' seinn 
tre aoibhneas cridhe, 'n uair a tha aobhar ag- 
aibhse glaodhaich tre dhoilghios cridhe, agus 
caoineadh a dheanamh tre chràdh spioraid ! 
Cionnus is urrainn sibh fois a ghabhail aon 
mhionaid 'n a leithid do shuidheachadh ? Nach 
'eil bhur n' anama cho luachmhor ri anamaibh 
na muinntir a tha o latha gu latha a' tional gu 
Criosd ? 

Nach 'eil mòran an so, a bha ùine fhad beò 
's an t-saoghal, nach 'eil fathast air an ath- 
bhreith, agus mar sin a tha na 'n coigrich do 
chomh-f hlaitheachd Israeil, agus nach d' rinn 

* Chaidh an t-searmoin so a labhairt aig àm anns am 
b' e toil an Tighearn 'obair ath-bheothachaidh dhean- 
amh, air doigh shonruichte, ann an iomadh àite. 



81 

ni riamh o rugadh iad, ach a' còrnadh suas 
feirge fa chomhair latha na feirge ? dhaoine ! 
tha bhur staid air dhoigh àraidh da rireadh 
cunnartach. Tha bhur cionta agus cruas bhur 
cridhe ro mhòr. Nach 'eil sibh a 1 faicinn gur 
lionmhor iad bhur comhaoisean air am bheilear 
a' dol seachad, agus a tha air am fàgail, ann an 
cùrsa iongantach tròcair Dhia ? Tha feum ag- 
aibh air smuainteachadh umaibh fèin, agus 
dùsgadh gu glan as bhur codal : cha 'n urrainn 
sibh fraoch feirge an JDia neo-chriochnaich a 
ghiulan. 

Agus sibhse, a dhaoine agus a bhoirionnacha 
oga, an dean sibhse dimeas air a' chothrom 
luachmhor a tha sibh nis a' sealbhachadh, 'n 
uair a tha co ioma do bhur comhaoisean eile a' 
diùltadh diomhanasan na h-òige, agus a' cruinn- 
eachadh a dh' ionnsuidh Chriosd ? Tha ag- 
aibhse gu sonruichte cothrom neo-ghnathaichte ; 
ach ma ni sibh dearmad air, bidh sibh ann an 
ùine ghoirid 's a' chor cheudna riu-san a chaith 
uile laithean luachmhor na h-òige anns a'pheac- 
adh, agus a tha nis air teachd gu 'leithid a staid 
eagalaich do dhoille agus do chruas. 

Agus sibhse, chlann, a tha fathast gun iomp- 
achadh, nach 'eil fìos agaibh gu 'm bheil sibh a' 
dol sios do ifrinn, a ghiulan corruich uamhas- 
aich an Dia sin a tha gach latha agus oidhche 
ann am feirg ribh ? Am bi sibh toilichte bhi 
'n 'ur cloinn do 'n diabhul, 'n uair tha mòran 
do 'n òigridh air an iompachadh agus air an 
deanamh na 'n cloinn naomh agus shona do 
Righ na 'n righrean. 

Agus a nis, eisdeadh gach aon neach a tha 



32 

fathast a mach à Criosd, agus an crochadh os 
ceami slochd ifrinn, ri àrd-ghlaodh focail agus 
freasdail Dhia, co dhiubh is seann daoine no 
seana mhnathan iad, no daoine ann an treun 
'an neirt, no daoine òga, no clann bheag iad. 
Bidh bliadhna thaitneach so an Tighearn, a 
tha 'n a latha mòr-thròcair do chuid, gun teag- 
amh, 'n a latha dioghaltais cho mòr do chuid 
eile. Bidh cridheachan muinntir a cruadhach- 
adh, aig a leithid so do àm, anns an tomhas sam 
bi an ciont a' meudachadh, ma ni iad dearmad 
air an anamaibh. Agus cha robh a leithid so 
do mhuinntir riamh ann an cunnart cho mòr, a 
bhi air an tabhairt thairis do chruas cridhe agus 
do dhoille inntinn ; agus ma thachras so dhuibh- 
se, bidh sibh gu siorruidh a' mallachadh an 
latha so, agus a' mallachadh an latha an d'rug- 
adh sibh riamh, gus a leithid so do àm doirtidh 
a mach Spiorad Dhia f haicinn, agus b' fhearr 
leibh gu 'n d' f huair sibh bàs, agus gu 'n deach- 
aidh sibh do dh' ifrinn mu 'm faca sibh e. 

Air an aobhar sin, dùisgeadh gach neach a 
nis a tha mach à Criosd, agus teicheadh e o 'n 
f heirg a tha ri teachd. Tha corruich an Dia 
Uile-chumhachdaich 'nis an crochadh gun teag- 
amh os ceann na h-uile pheacach. Teicheadh 
gach neach a mach à Sòdom : " Teich air son 
t-anama ; na seall a' d'dheigh, agus na stad'sa' 
chòmhnard uile : teich do 'n t-sliabh, air eagal 
gu millear thu," Gen. xix. 17. 

a' chrioch. 

BELL AND BAIN, FRINTER3, ST. ENOCH SQUARE.